Breisleach
Capercaillie
Breisleach 歌詞
Chaidh mi'n dè dhan choille Challtainn
Shireadh chnòthan airson biadh
Ach 'se bh'air a h-uile geug ach
D'aodann-sa gam thriall
Chaidh mi'n dè gu tràigh a' mhaoraich
Lòn de choilleagan a bhuain
Nochd a h-uile slige neamhnaid
D'àilleachd-sa a-luaidh
Chaidh mi staigh dhan aon taigh-òsda
Son do sgiùrsadh as mo cheann
H-uile glainne thog mi thaom do
Mhaiseachd aist' na deann
Chlaon mi tràth a-raoir dham leabaidh
Thusa ruagadh as le suain
Ach cha tug thu cead dhomh cadal
Gus an dèanainn duan
Dh'iarrainn-sa bhith saor od thòireadh
Ach gu bheil sinn roinnt' o chèil'
Do chumadh bhith an àit' do shamhla
Agam bhios an fhèill
Dh'fhàg thu mi 'nam bhaothair gòrach
Bòdhradh chàirdean le do chliù
Nuair a thig thu chì iad nach eil
Mearachd ann am fhiù
Chì iad sgurr a' danns le saobh-shruth
Famh is iolair' anns an ruidhl'
Stamh gu caomh ag altram sùbh-làir
Mireadh mu an sùil
Chì iad mis' is thusa sùgradh
Bil ri bil ar n-anail aoint'
Cniadachadh mar seo gu sìor le
Chéile b' e ar maoin